Gàidhlig air Duolingo

  • Air fhoillseachadh
DuolingoTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Duolingo a stèidheachadh ann an 2011 is tha e air soirbheachadh gu mòr bhon uairsin.

Tha cùrsa Gàidhlig a-nis beò air an app ionnsachaidh Duolingo.

Thàinig seo às dèidh iomairt gus a' Ghàidhlig a chur am measg an iomadh cànan a tha air an app, a tha an asgaidh a chleachdadh.

Chaidh Duolingo a stèidheachadh ann an 2011 is tha e air soirbheachadh gu mòr bhon uairsin.

Fàilte

Le Gaeilge is Cuimris am measg nan cànan a bh' air Duolingo mar-thà, thòisich iomairt air loidhne gus àite fhaighinn dhan Ghàidhlig cuideachd.

Dhearbh Duolingo gun tachradh sin is tha an cùrsa Gàidhlig aca a-nis air a dhol beò.

Chaidh grunn dhaoine dha na meadhanan-sòisealta oidhche Mhàirt gus fàilte a chur air a' chùrsa.

Dh'innis Duolingo gun tèid an cùrsa Gàidhlig a chur air bhog gu h-oifigeil Diardaoin.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh